Letra de 'Màiri Bhàn Dhail An Eas' de Mary Jane Lamond

No nosso site, temos a letra completa da música Màiri Bhàn Dhail An Eas que você estava procurando.

Se você tem procurado há muito tempo pela letra da música Màiri Bhàn Dhail An Eas de Mary Jane Lamond, comece a aquecer a voz, porque você não vai conseguir parar de cantá-la.

Você adora a música Màiri Bhàn Dhail An Eas? Não consegue entender bem o que ela diz? Precisa da letra de Màiri Bhàn Dhail An Eas de Mary Jane Lamond? Você está no lugar que tem as respostas para seus anseios.

S' mithich dhòmhsa tòiseachadh
Is m' òran chur an céill
Gur fhada bhon bu chòir dha
Bhi ann an òrdugh réidh
Tha m' inntinnsa cho luaineach
Ri gaoith tuath air bhàrr nan geug
Ma s' e gum pòs a' ghruagach
Tha shuas ann an Gleann Éit'

Gur bòidheach leam a dh'fhàs thu
Bho d' bhàrr gu sàil do bhuinn
Chan eil cron ri àireamh ort
'S tu bean an nàduir grinn
Nar mhealamsa mo shlàinte
Mur b' fheàrr leam na bhi 'm rìgh
Cead bhi laidhe làimh riut
Mo làmh fo' d' mhuineal màn

Gur lìonmhor mais ri' h-aithris
Air an ainnir is math snuadh
Do shlios geal mar an caineal
No mar eala nan tonn uain'
Shiubhail mi bho 'n Apuinn
A mach gu Uisge Chluaidh
'S bean t' aogais anns an astar sin
Cha'n fhaca mis', a luaidh

Tha falt bachlach bòidheach ort
Air dhath an òir 'na dhuail
Gur fiamhach sgiamhach, òrbhuidh e
'An òrdugh ann an cuaich
Bha m' inntinnsa làn sòlais
'Nuair bha mi chòmhnuidh shuas
'S a nise bho 'n a dh'fhàg mi e
Chan eil mo thàmh ach truagh

Tha nìonagan an àite seo
Ri tàir orm gu mòr
G'un d' thuirt iad rium am bachelor
'S gu bheil mi sean gu leòir
Ach cha b' i 'n aois a liath
Mo chiabhagan cho mòr
Ach sìoban na tonn dubh ghorm
A' tighinn bho chùl nan seòl

Gur lìonmhor anns an àite seo
Mo nàimhdean bho chionn greis
A chionn gu'n d' thug mi gràdh
Dh'an nighean bhàin tha' n Dail-an Eas
Tha fleasgaich anns an àite seo
'S gum b' fheàrr leo gun robh mis'
'An iomall domhain fad air falbh
Gun earbsa ri tighinn às

Ged a bhithinn fad air falbh
Bhiodh m' earbsa ri tighinn as
A shealltainn air mo ghràdh
An nigh'nn bhàn a's àillidh dreach
Chan eil e anns an àl seo
No 's an àl a thig am dhéigh
Bean do mhais' a Mhàiri
'S tu a's àille tha fo 'n ghréin

'S ìseal a thuit m' inntinnsa
Cha dìrich i ri m' bheò
A chaoidh cha dean mi innseadh
An nì sin tha 'gam leòn
Gus an téid mo thiodhlaiceadh
'An cistidh dhìonaich bhòrd
Cha tréig mi gaol na h-ìghneige
Dh'fhàg m' inntinn trom fo leòn

Quando gostamos muito de uma música, como pode ser o seu caso com Màiri Bhàn Dhail An Eas de Mary Jane Lamond, desejamos poder cantá-la conhecendo bem a letra.

Um motivo muito comum para procurar a letra de Màiri Bhàn Dhail An Eas é querer conhecê-la bem porque nos faz pensar em uma pessoa ou situação especial.

Caso a sua busca pela letra da música Màiri Bhàn Dhail An Eas de Mary Jane Lamond seja porque ela faz você pensar em alguém em particular, sugerimos que você a dedique de alguma forma, por exemplo, enviando o link deste site, com certeza entenderá a indireta.

Você está discutindo com seu parceiro(a) porque entendem coisas diferentes ao ouvir Màiri Bhàn Dhail An Eas? Ter à mão a letra da música Màiri Bhàn Dhail An Eas de Mary Jane Lamond pode resolver muitas disputas, e esperamos que assim seja.

Lembre-se que quando precisar saber a letra de uma música, você sempre pode contar conosco, como aconteceu agora com a letra da música Màiri Bhàn Dhail An Eas de Mary Jane Lamond.